Michael Donaghy Nach Maireann |
|
RODY GORMAN pays tribute the work of the late American poet and musician Michael Donaghy |
|
Tòimhseachan 'S mi fhìn an leabhar nach leugh thu a chaoidh Aon duilleag mhaol agus dìthean Tha dà thrian agad air do theanga cheana fhèin Fhuair am bàrd, Michael Donaghy, bàs obann air 24 an t-Sultain 2004 aig aois gann 50. |
|
Tha an dòigh san do nochd Donaghy taobh na chuid bàrdachd ri saothair luchd-sònrachaidh no formalists leithid Thom Gunn, Anthony Hecht, Louis MacNeice, James Merrill agus Richard Wilbur air aire gu leòr a tharraing. Tha agus ceòl ach dh’fhaoidte agairt gun robh a shaothair agus, gu h-àraid, an dòigh-aithris a bh’ aige cuideachd na sgal-creige gu ìre air cleachdaidhean nam bàrd Gaidhealach bho shean. |
|
Bhiodh e na chleachdadh aig Michael Donaghy a chuid bàrdachd fhaighinn air mheomhair agus a h-aithris dìreach mar sin gun a bhith an eisimeil leabhair na làimh idir. Tha an obair seo car ainneamh san latha a th’ ann agus an t-àite a bhiodh aig aithris-bheòil an lùib na bàrdachd air crìonadh gu mòr, san t-saoghal dham buineadh Donaghy mar bhàrd co-dhiù. (Chan eil mi ag agairt, an dèidh sin, nach eil i fhathast maireann ann am bàrdachd-baile ann am bailtean air feadh an t-saoghail.) ‘S e bhiodh aig na Gaidheil air duine a dhèanadh a leithid mar dhreuchd marcach-dàin. Tha seo a’ cur air chuimhne, dìreach mar as ionann iambus dàin agus buille-cridhe, gur h-ionann guth agus bàrd ann an dualchas na Gàidhlig ma ghabhas earbsa cur ann am faclair Dwelly. ‘Chan eil smùid agam dè th’ ann am bàrdachd’, thuirt Donaghy ‘agus chan eil na agad fhèin’ ‘S bochd cho beag agus a dh’fhàg e de shaothair na dhèidh – ‘s e dìreach aon trì dàin a dhèanadh e an comhair na bliadhna, mar bu thrice – ach is fheàrr gu mòr an ìre sin fhèin na a’ chuid as motha de rannghal an t-saoghail sam beò sinn. Tha saothair leis mar chuid de chorp na Gàidhlig a-nis cuideachd. |
|
Corraich Labhradh iad an-dràsta Air neo gun a bhith a’ gabhail feart riutha. |
|
| Agus seo mar a sgrìobh bàrd eile Robin Robertson mu dheidhinn an dèidh a bhàis. |
|
Duine de Shliochd nan Ròn ‘Cha bhi mi a’ fuireach ann’ |
|
Poet and musician Michael Donaghy died of a stroke at the age of 50 in September 2004. His style of reading his own work from memory invoked the Gaelic bardic tradition. © Rody Gorman, 2004 |
|
|
|
16 Mar 2010 | |
09 Mar 2010 | |
19 Jan 2010 |
|
March 2010 Editorial |
Bookmark with:
What are these?