Bha FilmG, an fharpais airson fhilmichean goirid Gàidhlig, air a chur air chois air Dihaoine 27 an t-Ògmhios le rionnag River City, an t-actair Tony Kearney. Ghabh seo àite ann an taigh-dealbh Grosvenor ann an Glaschu.
'S e seo a' chiad pròiseact cruthachail aig MG ALBA on a thug iad orra ainm ùr. Tha am pròiseact airson tàlant ùr a lorg airson filmichean - an dà chuid air beulaibh agus air cùlaibh a' chamara - airson na seirbheis ùir didseataich Gàidhlig ris a bheil dùil tràth san Fhoghar. Chan e a-mhàin gu bheil FilmG a' toirt cothrom do dh'fhilmeadairean ùra, agus feadhainn a th' air a bhith an sàs san obair seo roimhe seo an cuid obrach fhoillseachadh, ach cuideachd tha cothroman ùra ann airson cànan agus cultair na Gàidhlig anns an linn dhidseataich sa bheil sinne beò.
Bidh roinnean proifeiseanta, neo-dhreuchdail agus cloinne ann am farpais FilmG, is bidh e fosgailte chun 1 dhen Dùbhlachd. Thèid breith a thoirt air gach oidhirp an dèidh na deit seo. A bharrachd air an £35,000 ann an duaisean airgid, bheir MG ALBA an cothrom do na sgioban a bhuannaicheas filmichean goirid a leasachadh airson na sianail ùir Gàidhlig.
Thig FilmG gu crìoch le pàirtidh dhuaisean mìorbhaileach anns an Fhaoilleach 2009 ann am FÀS, an t-ionad aig Sabhal Mòr Ostaig airson ghnìomhachasan cruthachail is cultarach air an Eilean Sgitheanach.
Ged a dh’fheumas na filmichean a bhith ann an Gàidhlig, bidh sgioba FilmG air làimh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine gun Ghàidhlig gus an toirt còmhla ri daoine aig a bheil Gaidhlig gus crìoch a chur air na pròiseactan aca.
Thèid bùithtean-obrach an cur air chois air iomadh cuspair co-cheangailte ri a bhith a’ dèanamh fhilmichean thairis air mìosan na farpais air fad, is bidh luchd-cuideachaidh proifeiseanta rim faighinn air an làrach-lìon,
http://www.filmg.co.uk.
'S e bun-bheachd Cànan a th' ann am FilmG airson MG ALBA. (Meadhanan Gàidhlig Alba)
Airson barrachd fiosrachaidh, theirig gu
http://www.filmg.co.uk