Bidh fhios aig duine sam bi a tha an sàs le clubaichean òigridh gur e obair gu math trom a th’ann, gu tric gun phàigheadh, is gu mi-fhòrtanach, gun taing. Tha mise an seo airson taic, stiùireadh, is brosnachadh a thoirt don luchd-obrach/saor-thoileach. An dràsta is a-rithist bidh daoine dol a-steach dhan bhuidhnean airson bùithtean-obrach a dhèanamh leis a’ chloinn. Bidh cuspairean againn mar ealain, ceòl, seinn, geamannan, spors, dannsa, agus tha sinn an còmhnaidh a’ lorg inbhich le Gàidhlig airson stiùireadh/obair a dhèanamh leis na buidhnean. Bidh sinn a’ tairgsinn làithean trèanadh airson luchd-obrach agus tha poileasaidh Dìon-chloinne làidir againn cuideachd.
Ged a bhios mi glè thrang le obair ChNAG tha mi an sàs le cùisean gu leòr eile ann an Inbhir Nis. Tha mi nam stiùiriche-ciùil airson Hootananny, taigh-seinnse cèilidh, far a bheil ceòl ann 7 oidhcheannan gach seachdain. Tha tòrr uallaich agam leis an obair seo; ceòladairean fhaighinn, àiteachan fuirich, sanasachd, m.s.a.a. Tha mise fhathast cuideachd, a dèanamh agus a’ teagaisg ciùil. Bidh mi a’ cluich is a’ seinn còmhla ri ceòladairean air a’ Ghàidhealtachd agus tha clàr ùr agam fhìn is Christine Primrose a’ tighinn a-mach a dh’aithghearr leis an tiotal ‘An Turas’. Bidh pròiseactan ciùil ùra an còmhnaidh a’ nochdadh.
Tha mi nam stiùiriche fhathast airson Fèis nan Òran ann an Nis (seo fèis a tha brosnachadh òrain traidiseanta bho Alba is Èirinn). Tha mi air bòrd stiùiridh Ceòl Beò, iris a tha a’ brosnachadh ciùil ann an sgìre Inbhir Nis. Chuir mi air chois, còmhla ri Daibhidh Boag, dà bhuidheann Gàidhlig ann an Inbhir Nis. ‘S e buidheann Gàidhlig neo-fhoirmeil a tha ann an Cothrom Còmhraidh, a bhios a’ tachairt ann an Hootananny gach Oidhche-luain. ‘S e buidheann co-obrachaidh a tha Fòram Gàidhlig Inbhir Nis. Bidh am Fòram a’ coinneachadh gach ràithe airson cothrom a thoirt do bhuidhnean Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis conaltradh a dhèanamh le chèile.
Mar a chi sibh, tha mi gu math trang nam bheatha. Ach tha mi gu math taingeil gu bheil cothrom agam taic a thoirt don chànain is cultur sònraichte againn ann an Albainn is Èirinn airson adhartas a dhèanamh.
English Summary |
Bookmark with:
What are these?