San dealachadh, ‘s fhiach ainmeachadh gur h-e foillsichear Gàidhlig a th’ ann an Coiscéim cuideachd. Is iad a chuireas a-mach an iris bhliadhnail de bhàrdachd san dà Ghàidhlig air a bheil An Guth, air an do ghabh Raghnall MacilleDhuibh “uinneag-bhùtha bàrdachd na Gàidhlig”. Tha dà leabhar bàrdachd air a bheith aig Màiri NicGumaraid bho Choiscéim gu ruige seo (agus gun ghin bho fhoillsichear sam bith eile) agus tha an cruinneachadh aig Meg Bateman air a bheil Aotromachd an ìre mhath stèidhichte air a’ chruinneachadh a thug Coiscéim a-mach fon ainm Amhráin Ghrá. Tha an obair seo air fad air cothrom a thoirt do bhàird leithid Paddy Bushe, Maoilios Caimbeul, Biddy Jenkinson agus Liam Prút obair còmhla agus cur ri corpus nan Gaidheal san fharsaingeachd, rud a bha mar amas aig Coiscéim riamh. Mar a thuirt bàrd eile, Rita E. Kelly, mun t-Snodach:
‘S e làmh làidir a th’ annad
Air gualainn an dream’ ud
A tha gun mhisneachd
Agus a bhios a’ coiseachd
Fo sgàth na h-ùine ri teachd.
The Irish Gaelic publisher Coiscéim has just published their catalogue of books they've published since they were established in 1981 - over 650 titles.
© Rody Gorman, 2005 |
Bookmark with:
What are these?